# File Name: Holy-Bible---Scots-Gaelic---Scots-Gaelic-Gospel-Mark---Aionian-Edition.noia # File Size: 95870 # File Date: 03/27/2024 23:21:29 # File Purpose: Supporting resource for the Aionian Bible project # File Location: https://resources.AionianBible.org # File Copyright: Creative Commons Attribution No Derivative Works 4.0, 2018-2024 # File Generator: ABCMS (alpha) # File Accuracy: Contact publisher with corrections to file format or content # Publisher Name: Nainoia Inc # Publisher Contact: https://www.AionianBible.org/Publisher # Publisher Mission: https://www.AionianBible.org/Preface # Publisher Website: https://NAINOIA-INC.signedon.net # Publisher Facebook: https://www.Facebook.com/AionianBible # Bible Name: Gàidhlig Soisgeul # Bible Name English: Scots Gaelic Gospel of Mark # Bible Language: Gàidhlig # Bible Language English: Scots Gaelic # Bible Copyright Format: CC Attribution NoDerivatives 4.0, 2018-2024 # Bible Copyright Text: Public Domain # Bible Source: Revised from Father Ewen MacEachan's New Testament # Bible Source Version: 2/11/2021 # Bible Source Link: https://crosswire.org/sword/modules/ModInfo.jsp?modName=ScotsGaelic # Bible Source Year: 1875 # Bible Format: Aionian Glossary annotations to 265 verses # INDEX BOOK CHAPTER VERSE TEXT # # BOOK 041 MAR Mark Marcus 041 MAR 001 001 T OISEACHD soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe. 041 MAR 001 002 Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. 041 MAR 001 003 Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach. 041 MAR 001 004 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. 041 MAR 001 005 Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan. 041 MAR 001 006 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh: 041 MAR 001 007 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh. 041 MAR 001 008 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. 041 MAR 001 009 Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan. 041 MAR 001 010 'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air. 041 MAR 001 011 Agus thainig guth bho neamh: Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot. 041 MAR 001 012 Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach. 041 MAR 001 013 Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. 041 MAR 001 014 'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, 041 MAR 001 015 'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. 041 MAR 001 016 'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.), 041 MAR 001 017 Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. 041 MAR 001 018 Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e. 041 MAR 001 019 'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata: 041 MAR 001 020 Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e. 041 MAR 001 021 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad. 041 MAR 001 022 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich. 041 MAR 001 023 Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e 041 MAR 001 024 Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. 041 MAR 001 025 Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine. 041 MAR 001 026 'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as. 041 MAR 001 027 Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha. 041 MAR 001 028 'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile. 041 MAR 001 029 'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra. 041 MAR 001 030 Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn. 041 MAR 001 031 Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh. 041 MAR 001 032 'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. 041 MAR 001 033 'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus. 041 MAR 001 034 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e. 041 MAR 001 035 'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin. 041 MAR 001 036 Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris. 041 MAR 001 037 'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh. 041 MAR 001 038 Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi. 041 MAR 001 039 'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan. 041 MAR 001 040 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. 041 MAR 001 041 'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris: Is aill leam: bi glan. 041 MAR 001 042 'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh. 041 MAR 001 043 'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail; 041 MAR 001 044 'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith: ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh. 041 MAR 001 045 Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh. 041 MAR 002 001 Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh. 041 MAR 002 002 Agus chruinnich na h-uimhir, 's nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha. 041 MAR 002 003 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar. 041 MAR 002 004 'Sa chionns nach b' urrainn dhaibh a chur 'na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; 'S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe 'na laidhe. 041 MAR 002 005 'S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut. 041 MAR 002 006 Ach bha cuid de na Sgriobhaich 'nan suidhe an sin, 'sa smaoineachadh 'nan cridheachan: 041 MAR 002 007 Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia 'na aonar? 041 MAR 002 008 Dh' aithnich Iosa san uair 'na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha: Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin 'nur cridheachan? 041 MAR 002 009 Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich? 041 MAR 002 010 Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe, ) 041 MAR 002 011 Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh. 041 MAR 002 012 Agus ghrad-dh' eirich e: 'sa togail a leaba, dh' fhalbh e 'nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, 's thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so. 041 MAR 002 013 Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad. 041 MAR 002 014 'S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis 'na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. 'S ag eirigh, lean e e. 041 MAR 002 015 Agus thachair, nuair a bha e 'na shuidhe aig biadh 'na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e. 041 MAR 002 016 Agus na Sgriobhaich 's na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe 's ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich? 041 MAR 002 017 Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach. 041 MAR 002 018 Agus bha deisciopuil Eoin 's nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin 's nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg? 041 MAR 002 019 Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh. 041 MAR 002 020 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin. 041 MAR 002 021 Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh' aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua. 041 MAR 002 022 Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura. 041 MAR 002 023 Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, 's iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias. 041 MAR 002 024 Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte? 041 MAR 002 025 Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach 's air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris? 041 MAR 002 026 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh' ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris? 041 MAR 002 027 Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, 's chan e an duine air son na sabaid. 041 MAR 002 028 Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein. 041 MAR 003 001 Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. 041 MAR 003 002 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn 'na aghaidh. 041 MAR 003 003 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon. 041 MAR 003 004 Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan 'nan tosd. 041 MAR 003 005 'S ag amharc orra mun cuairt le feirg 's le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha. 041 MAR 003 006 'S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha. 041 MAR 003 007 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile 's bho Iudea, 041 MAR 003 008 Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, 'S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, 's iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. 041 MAR 003 009 Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. 041 MAR 003 010 Oir leighis e moran, air chor 's gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad 'sa bha easlainteach. 041 MAR 003 011 'S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh: 041 MAR 003 012 Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. 041 MAR 003 013 'Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b' aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. 041 MAR 003 014 Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. 041 MAR 003 015 Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach. 041 MAR 003 016 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon: 041 MAR 003 017 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: 041 MAR 003 018 Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, 041 MAR 003 019 Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e. 041 MAR 003 020 Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor 's nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. 041 MAR 003 021 S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. 041 MAR 003 022 Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, 's gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. 041 MAR 003 023 'S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? 041 MAR 003 024 Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. 041 MAR 003 025 Agus ma bhios tigh air a roinn 'na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. 041 MAR 003 026 'S ma tha Satan air eirigh 'na aghaidh fhein, tha e roinnte, 's chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. 041 MAR 003 027 Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. 041 MAR 003 028 Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: 041 MAR 003 029 Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. (aiōn g165, aiōnios g166) 041 MAR 003 030 Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige. 041 MAR 003 031 Is thainig a mhathair 'sa bhraithrean; 's nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. 041 MAR 003 032 Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair 's do bhraithrean a muigh gad iarraidh. 041 MAR 003 033 Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? 041 MAR 003 034 'S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha 'nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. 041 MAR 003 035 Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. 041 MAR 004 001 Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir; 041 MAR 004 002 Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg: 041 MAR 004 003 Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur. 041 MAR 004 004 'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e. 041 MAR 004 005 Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige: 041 MAR 004 006 'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as. 041 MAR 004 007 Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh. 041 MAR 004 008 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte. 041 MAR 004 009 Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. 041 MAR 004 010 Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth. 041 MAR 004 011 Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail, 041 MAR 004 012 Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan. 041 MAR 004 013 Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal? 041 MAR 004 014 Esan a tha cur, tha e cur an fhacail. 041 MAR 004 015 Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan. 041 MAR 004 016 Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas: 041 MAR 004 017 'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh. 041 MAR 004 018 Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal 041 MAR 004 019 Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh. (aiōn g165) 041 MAR 004 020 Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte. 041 MAR 004 021 Is thuirt e riutha: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir? 041 MAR 004 022 Oir chan eil ni am falach, nach toirear am follais; 's cha d' rinneadh ni an uaigneas, ach los gun nochdar e. 041 MAR 004 023 Ma tha cluasan aig duine sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e. 041 MAR 004 024 Is thuirt e riutha: Thugaibh an aire dhan rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuilleadh ris dhuibh. 041 MAR 004 025 Oir dhan neach aig a bheil, bheirear: agus bhon neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a th' aige bhuaithe. 041 MAR 004 026 Is thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh, 041 MAR 004 027 'S gun caidleadh e, 's gun eireadh e a dh' oidhche 'sa latha, 'S gum fasadh an siol, 's gun cinneadh e gun fhios dha. 041 MAR 004 028 Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an deis. 041 MAR 004 029 'S nuair a tha 'n toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dail, bho na tha am foghar air tighinn. 041 MAR 004 030 Is thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i? 041 MAR 004 031 Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, nuair a chuirear san talamh i, is lugha i den h-uile siol a tha air thalamh: 041 MAR 004 032 'S an deigh a cur, fasaidh i suas, is cinnidh i nas mua na h-uile luibh, is cuiridh i mach geugan mora, agus faodaidh eoin an athair tamh fo 'sgaile. 041 MAR 004 033 Agus le iomadh dubhfhacal den leithidean so, labhair e riutha am facal, air reir 's mar b' urrainn dhaibh eisdeachd: 041 MAR 004 034 Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riutha: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil. 041 MAR 004 035 Is thuirt e riutha an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile. 041 MAR 004 036 'Sa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh don eathar mar a bha e; is bha eathraichean eile comhla ris. 041 MAR 004 037 Agus dh' eirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh don eathar, air chor 's gun robh an t-eathar a lionadh. 041 MAR 004 038 Agus bha esan an deireadh an eathair 'na chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil umhail agad gu bheil sinn a dol a dhith? 041 MAR 004 039 'S ag eirigh chronaich e a ghaoth, 's thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Is laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor. 041 MAR 004 040 Is thuirt e riutha: Carson a tha eagal oirbh? Nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; is thuirt iad ri cheile: 041 MAR 004 041 Co, a shaoileas tu, is e, chionn tha ghaoth agus a mhuir umhail dha? 041 MAR 005 001 Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach. 041 MAR 005 002 'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan, 041 MAR 005 003 Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean: 041 MAR 005 004 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh. 041 MAR 005 005 Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan. 041 MAR 005 006 'Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, 's thug e aoradh dha; 041 MAR 005 007 'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi. 041 MAR 005 008 Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain. 041 MAR 005 009 Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn. 041 MAR 005 010 Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e. 041 MAR 005 011 Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh. 041 MAR 005 012 Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta, 041 MAR 005 013 Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad. 041 MAR 005 014 Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair 041 MAR 005 015 Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal. 041 MAR 005 016 Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc. 041 MAR 005 017 Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan. 041 MAR 005 018 'S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh' air a leigeil comhla ris: 041 MAR 005 019 Ach cha do leig e leis, 's ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, 's mar a ghabh e truas riut. 041 MAR 005 020 Is dh' fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh. 041 MAR 005 021 'S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir. 041 MAR 005 022 Agus thainig fear de dh' uachdrain an t-sinagoig, dham b' ainm Iairus; 's ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan, 041 MAR 005 023 Agus ghuidh' e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, 's gum bi i beo. 041 MAR 005 024 Is dh' fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air. 041 MAR 005 025 Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag, 041 MAR 005 026 'S a dh' fhuilig moran bho iomadh lighich, 'sa chosg a cuid uile, 's nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh'fhas nas miosa. 041 MAR 005 027 A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh; 041 MAR 005 028 Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan. 041 MAR 005 029 Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh' fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis. 041 MAR 005 030 Agus dh' aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh? 041 MAR 005 031 Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh 's an abair thu: Co bhean dhomh? 041 MAR 005 032 Agus sheall e mun cuairt a dh' fhaicinn na te a rinn so. 041 MAR 005 033 Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh 's air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh' innis i dha an fhirinn gu leir. 041 MAR 005 034 Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d' eucail. 041 MAR 005 035 Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir? 041 MAR 005 036 Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh'aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid. 041 MAR 005 037 'S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais. 041 MAR 005 038 Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, 'sa caoidh gu goirt. 041 MAR 005 039 'Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal. 041 MAR 005 040 Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean 'na laidhe. 041 MAR 005 041 'Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh: A nighean (tha mu ag radh riut), eirich. 041 MAR 005 042 Is dh' eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh' aois. Agus b' anabarrach an t-iognadh a ghabh iad. 041 MAR 005 043 Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh' iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh. 041 MAR 006 001 Is dh'fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e; 041 MAR 006 002 Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: 's na gniomhan cho euchdail, a th' air an dianamh le lamhan? 041 MAR 006 003 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. 041 MAR 006 004 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach 'na dhuthaich fhein, agus 'na thigh fhein, 's am measg a chairdean fhein. 041 MAR 006 005 Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; 041 MAR 006 006 Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh' imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. 041 MAR 006 007 Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. 041 MAR 006 008 Is dh'aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod 'nan sporan, 041 MAR 006 009 Ach cuarain air a chasan, 's gun da chota a chur orra. 041 MAR 006 010 Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. 041 MAR 006 011 Agus aite sam bith nach gabh ribh, 's nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais 'nan aghaidh. 041 MAR 006 012 'Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh. 041 MAR 006 013 Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh' ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. 041 MAR 006 014 Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh 'ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh' eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: 's air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. 041 MAR 006 015 Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th' ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th' ann, mar aon de na faidhean a bh'ann bho shean. 041 MAR 006 016 Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th' ann, dh' eirich e bho na mairbh. 041 MAR 006 017 Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. 041 MAR 006 018 Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad. 041 MAR 006 019 Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b' urrainn dhi. 041 MAR 006 020 Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e 'na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh' eisdeadh e ris gu toileach. 041 MAR 006 021 Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh' uaislean, 's do cheannardan, 's do mhaithean Ghalile. 041 MAR 006 022 'S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, 'sa dhanns i, 'sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e: 041 MAR 006 023 Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b'e leth mo rioghachd. 041 MAR 006 024 Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh' iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh. 041 MAR 006 025 'S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh' iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. 041 MAR 006 026 Agus bha 'n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh' aig bord maille ris, cha b' aill leis miothlachd a chur oirre: 041 MAR 006 027 'Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh' orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan, 041 MAR 006 028 Agus thug e leis a cheann air meis, 's thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. 041 MAR 006 029 Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, 's thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. 041 MAR 006 030 Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh' innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, 's air teagasg. 041 MAR 006 031 Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn 'sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail. 041 MAR 006 032 'Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas. 041 MAR 006 033 Agus chunnacas iad a falbh, 's bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. 041 MAR 006 034 'Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh. 041 MAR 006 035 Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh: Is fasach an t-aite so, 's tha 'n uair a nis air ruith 041 MAR 006 036 Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha 's do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh' itheas iad. 041 MAR 006 037 Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh' aran a bheir sinn dhaibh ri ithe? 041 MAR 006 038 Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh' fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, 's da iasg. 041 MAR 006 039 Agus dh' orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm. 041 MAR 006 040 Is shuidh iad sios 'nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan. 041 MAR 006 041 'Sa glacadh na coig bonnaich-arain, 's an da iasg, 's ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile. 041 MAR 006 042 Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad. 041 MAR 006 043 Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, 's de dhiasg. 041 MAR 006 044 Agus b' e aireamh na feadhnach, a dh' ith, coig mile fear. 041 MAR 006 045 'S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad 'sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. 041 MAR 006 046 Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh. 041 MAR 006 047 'S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. 041 MAR 006 048 'Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. 041 MAR 006 049 Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh'ann, agus glaodh iad. 041 MAR 006 050 Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh. 041 MAR 006 051 Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra. 041 MAR 006 052 Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh. 041 MAR 006 053 Agus nuair dh' aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir. 041 MAR 006 054 'S nuair thainig iad as a bhata, dh' aithnich iad e san uair: 041 MAR 006 055 Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith. 041 MAR 006 056 Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, 's a guid' air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh'iomall aodaich: 'sa mhiad 's bhean dha, rinneadh slan iad. 041 MAR 007 001 Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem. 041 MAR 007 002 Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh. 041 MAR 007 003 Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean. 041 MAR 007 004 Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise. 041 MAR 007 005 Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe? 041 MAR 007 006 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam. 041 MAR 007 007 Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine. 041 MAR 007 008 Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh. 041 MAR 007 009 Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail. 041 MAR 007 010 Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e. 041 MAR 007 011 Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa 041 MAR 007 012 Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair, 041 MAR 007 013 Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin. 041 MAR 007 014 'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh. 041 MAR 007 015 Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine. 041 MAR 007 016 Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e. 041 MAR 007 017 Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal. 041 MAR 007 018 Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: 041 MAR 007 019 A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile). 041 MAR 007 020 Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine. 041 MAR 007 021 Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt, 041 MAR 007 022 Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd. 041 MAR 007 023 Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine. 041 MAR 007 024 'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach. 041 MAR 007 025 Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan. 041 MAR 007 026 Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn. 041 MAR 007 027 Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con. 041 MAR 007 028 Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne. 041 MAR 007 029 Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn. 041 MAR 007 030 'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde. 041 MAR 007 031 'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis. 041 MAR 007 032 Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air. 041 MAR 007 033 Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh; 041 MAR 007 034 'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh. 041 MAR 007 035 Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart. 041 MAR 007 036 Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse; 041 MAR 007 037 Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt. 041 MAR 008 001 Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh' itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha 041 MAR 008 002 Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, 's chan eil ni aca a dhitheas iad: 041 MAR 008 003 Agus ma leigeas mi air falbh iad 'nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar. 041 MAR 008 004 Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach? 041 MAR 008 005 Is dh' fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd. 041 MAR 008 006 Agus dh' orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. 'Sa glacadh nan seachd bonnaich, 'sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad. 041 MAR 008 007 'S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh' iarr e an cur air am bialaobh. 041 MAR 008 008 Agus dh' ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh' fhagadh thog iad seachd cleibh. 041 MAR 008 009 Is bha an fheadhainn a dh' ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad. 041 MAR 008 010 'S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha. 041 MAR 008 011 Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh. 041 MAR 008 012 'S ag osnaich 'na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so. 041 MAR 008 013 Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh' fhalbh e thar a chaol. 041 MAR 008 014 Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar. 041 MAR 008 015 Is dh' aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, 's bho thaois ghoirt Heroid. 041 MAR 008 016 Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: 'S ann a chionn 's nach eil aran againn. 041 MAR 008 017 Thuirt Iosa riutha, 's e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn 's nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast? 041 MAR 008 018 Tha suilean agaibh, 's nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, 's nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh, 041 MAR 008 019 Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag. 041 MAR 008 020 A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd. 041 MAR 008 021 Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast? 041 MAR 008 022 Agus thainig iad gu Bethsaida, 's thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha. 041 MAR 008 023 'Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; 'sa cur a shile air a shuilean, 'sa cur a lamhan air, dh' fharraid e dheth, an robh e faicinn dad. 041 MAR 008 024 'Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd. 041 MAR 008 025 An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor 's gum bu leir dha gach ni gu soilleir. 041 MAR 008 026 Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith. 041 MAR 008 027 Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; 'S air an t-slighe dh' fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi? 041 MAR 008 028 Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean. 041 MAR 008 029 An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda. 041 MAR 008 030 Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh 'innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith. 041 MAR 008 031 Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, 's leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, 'sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist. 041 MAR 008 032 Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh. 041 MAR 008 033 Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine. 041 MAR 008 034 'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi. 041 MAR 008 035 Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i. 041 MAR 008 036 Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam? 041 MAR 008 037 No ciod a bheir duine an eirig anma? 041 MAR 008 038 Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha. 041 MAR 009 001 Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha 'nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd. 041 MAR 009 002 Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh' atharraicheadh a chruth 'nan lathair. 041 MAR 009 003 Agus dh' fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. 041 MAR 009 004 Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa. 041 MAR 009 005 Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, 'sa h-aon do Elias. 041 MAR 009 006 Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn 's gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. 041 MAR 009 007 Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. 041 MAR 009 008 'S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha. 041 MAR 009 009 'Sa tearnadh bhon bheinn, dh' aithn e orra, gun iad a dh' innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. 041 MAR 009 010 Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh. 041 MAR 009 011 Agus dh'fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich 's na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd? 041 MAR 009 012 Thuirt e riutha, 's e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, 's gum faigh e taire. 041 MAR 009 013 Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, ('s gun d' rinn iad air gach ni b' aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn. 041 MAR 009 014 'Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, 's na Sgriobhaich a deaspud riutha. 041 MAR 009 015 'S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt' air. 041 MAR 009 016 Agus dh' fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile? 041 MAR 009 017 Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh. 041 MAR 009 018 Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, 'sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b' urrainn dhaibh. 041 MAR 009 019 'Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. 041 MAR 009 020 Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial. 041 MAR 009 021 Is dh' fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e 'na leanabh. 041 MAR 009 022 Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. 041 MAR 009 023 Is thuirt Iosa ris: Ma 's urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach. 041 MAR 009 024 Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m' ana-creideamh. 041 MAR 009 025 Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as 's na rach a stigh ann tuilleadh. 041 MAR 009 026 Agus chaidh e mach as, ag eigheach, 's ga riabadh gu goirt: agus dh'fhas e coltach ri duine marbh, air chor 's gun robh moran ag radh: Tha e marbh. 041 MAR 009 027 Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh' eirich e. 041 MAR 009 028 'S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth, 's iad leo fhein: Carson nach b' urrainn dhuinn a thilgeadh a mach? 041 MAR 009 029 Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh 's le traisg. 041 MAR 009 030 'Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; 's cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so. 041 MAR 009 031 Oir bha e teagasg a dheisciopul, 's ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, 's gum marbhadh iad e, 's an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. 041 MAR 009 032 Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth. 041 MAR 009 033 Is thainig iad gu Capharnaum. 'S nuair a bha iad san tigh, dh' fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh'agaibh air an rathad? 041 MAR 009 034 Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. 041 MAR 009 035 'Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus 'na sheirbhiseach dhaibh uile. 041 MAR 009 036 'Sa breith air leanabh, chuir e 'nam miadhon e; 's an deigh a ghlacadh 'na uchd, thuirt e riutha: 041 MAR 009 037 Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. 041 MAR 009 038 Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d' ainmsa, agus bhac sinn e. 041 MAR 009 039 Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a 's urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh: 041 MAR 009 040 Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh. 041 MAR 009 041 Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn's gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais. 041 MAR 009 042 Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b' fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, 'sa bhith air a thilgeil sa mhuir. 041 MAR 009 043 'S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh' iutharna gu teine nach smalar: (Geenna g1067) 041 MAR 009 044 Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine. 041 MAR 009 045 Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh' iutharna gu teine nach tig as: (Geenna g1067) 041 MAR 009 046 Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine. 041 MAR 009 047 Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: 's fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna: (Geenna g1067) 041 MAR 009 048 Far nach basaich a chruimh aca, 'S nach smalar an teine. 041 MAR 009 049 Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann. 041 MAR 009 050 Tha salann math: ach ma dh' fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein. 041 MAR 010 001 'S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b' abhuist dha, theagaisg e rithist iad. 041 MAR 010 002 'S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh' fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? 's iad ga bhuaireadh. 041 MAR 010 003 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh' aithn Maois oirbh? 041 MAR 010 004 Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, 's a cur air falbh. 041 MAR 010 005 Thuirt Iosa gam freagairt: 'S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so. 041 MAR 010 006 Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn. 041 MAR 010 007 Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi; 041 MAR 010 008 Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil. 041 MAR 010 009 An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine. 041 MAR 010 010 Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna. 041 MAR 010 011 Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, 'sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh. 041 MAR 010 012 'S ma chuireas bean air falbh a fear, 's fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais. 041 MAR 010 013 Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige. 041 MAR 010 014 Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: 's gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: 041 MAR 010 015 Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte. 041 MAR 010 016 Is ghlac e 'na uchd iad, 's a cur a lamhan orra, bheannaich e iad. 041 MAR 010 017 'S nuair a dh' fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid 'na ruith, 'sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh' fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? (aiōnios g166) 041 MAR 010 018 Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia 'na aonar. 041 MAR 010 019 Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair. 041 MAR 010 020 Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige. 041 MAR 010 021 Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise. 041 MAR 010 022 Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh' fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis. 041 MAR 010 023 Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe! 041 MAR 010 024 Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe! 041 MAR 010 025 Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe. 041 MAR 010 026 Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte? 041 MAR 010 027 Agus thuirt Iosa, 's e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe. 041 MAR 010 028 Agus thoisich Peadar ri radh ris: Seall, dh' fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu. 041 MAR 010 029 Is thuirt Iosa, 's e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh' fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil, 041 MAR 010 030 Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal. (aiōn g165, aiōnios g166) 041 MAR 010 031 Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, 's air dheireadh a bhitheas air thoiseach. 041 MAR 010 032 Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh' imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. 041 MAR 010 033 Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, 's do na Sgriobhaich, 's do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e; 041 MAR 010 034 Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha. 041 MAR 010 035 Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh' iarras sinn. 041 MAR 010 036 Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh? 041 MAR 010 037 Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis 's am fear eile air do laimh chli, nad ghloir. 041 MAR 010 038 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh? 041 MAR 010 039 Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh' ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh 041 MAR 010 040 Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh. 041 MAR 010 041 Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas 's de Eoin. 041 MAR 010 042 Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, 's gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra. 041 MAR 010 043 Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na fhear frithealaidh dhuibh. 041 MAR 010 044 Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na sheirbhiseach agaibh uile. 041 MAR 010 045 Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, 's gus a bheatha leigeil sios 'na h-eirig air son mhorain. 041 MAR 010 046 Agus rainig iad Iericho; 's nuair bha esan 'sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh' an dall Bartimeus, mac Thimeiuis 'na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce. 041 MAR 010 047 'S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh'ann, thoisich e ri glaodhach 's ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. 041 MAR 010 048 Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach 'sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. 041 MAR 010 049 Agus sheas Iosa, is dh' orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh. 041 MAR 010 050 'Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e 'na leum ga ionnsuidh. 041 MAR 010 051 Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi. 041 MAR 010 052 Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe. 041 MAR 011 001 Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil, 041 MAR 011 002 Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e. 041 MAR 011 003 Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair. 041 MAR 011 004 'Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh' fhuasgail iad e. 041 MAR 011 005 Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail? 041 MAR 011 006 Is thuirt iad riutha mar a dh' orduich Iosa dhaibh, is leig iad leo e. 041 MAR 011 007 Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air. 041 MAR 011 008 Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad. 041 MAR 011 009 Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, 'sa lean e, ag radh: Hosanna: 041 MAR 011 010 Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh. 041 MAR 011 011 Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; 's an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha 'm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag. 041 MAR 011 012 'S an ath latha nuair a chaidh iad a mach a Betania, bha acras air. 041 MAR 011 013 'S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh' fhaoidte dad oirre; 's nuair a rainig e i, cha d' fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann. 041 MAR 011 014 'Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn. (aiōn g165) 041 MAR 011 015 Is rainig iad Ierusalem. 'S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, 's na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman. 041 MAR 011 016 'S chan fhuiligeadh e gun giulanadh neach sam bith saghach tromhn teampull: 041 MAR 011 017 Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth. 041 MAR 011 018 Agus nuair chuala na h-ard-shagairt 's na Sgriobhaich so, dh' iarr iad ciamar a dh' fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg. 041 MAR 011 019 Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile. 041 MAR 011 020 'S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean. 041 MAR 011 021 Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as. 041 MAR 011 022 Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Biodh creideamh Dhe agaibh. 041 MAR 011 023 Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha. 041 MAR 011 024 Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b' e ni dh' iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh. 041 MAR 011 025 'S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. 041 MAR 011 026 Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. 041 MAR 011 027 Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. 'S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh, 041 MAR 011 028 Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh? 041 MAR 011 029 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so. 041 MAR 011 030 Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi. 041 MAR 011 031 Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e? 041 MAR 011 032 Ma their sinn: bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh. 041 MAR 011 033 'Sa freagairt thuirt iad ri Iosa: Chan eil fhios againn. Is thuirt Iosa riutha, 's e freagairt: Cha mhua dh' innseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. 041 MAR 012 001 Is thoisich e ri labhairt riutha ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, is chuir e garadh mu thimcheall, is chladhaich e amar-fiona, is thog e tur, is shuidhich e air aonta do thuathanaich e, is dh' fhalbh e gu tir chein. 041 MAR 012 002 Agus chuir e seirbhiseach thun na tuathanaich san am, los gu faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhuapa. 041 MAR 012 003 'Sa breith air, bhuail iad e, is chuir iad air falbh falamh e. 041 MAR 012 004 Agus a rithist chuir e gan ionusuidh seirbhiseach eile; is lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha. 041 MAR 012 005 'Sa rithist chuir e fear eile, 's mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad. 041 MAR 012 006 Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, ag radh: Bheir iad urram dham mhac. 041 MAR 012 007 Ach thuirt na tuathanaich ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein. 041 MAR 012 008 'Sa breith air, mharbh iad e; is thug iad a mach as a gharadh-fhiona e. 041 MAR 012 009 Ciod ma ta a ni tighearna a gharaidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e na tuathanaich sin; agus bheir e gharadh-fiona do dh' fheadhainn eile. 041 MAR 012 010 Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi. 041 MAR 012 011 Leis an Tighearna rinneadh so, 's tha e iongantach ri fhaicinn? 041 MAR 012 012 Agus dh' iarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir thuig iad gum b' ann mun deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dh' fhalbh iad. 041 MAR 012 013 Is chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e 'na chainnt. 041 MAR 012 014 Thainig iadsan, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, 's nach eil eisimeil agad ri duine sam bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chesar, no nach eil? 041 MAR 012 015 Thuig esan am foill, is thuirt e riutha: Carson tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh dhomh sgilinn gus am faic mi i. 041 MAR 012 016 Agus thug iad dha i. Is thuirt e riutha: Co leis an iomhaigh so, 's an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le Cesar. 041 MAR 012 017 Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Thugaibh mata do Chesar na bhuineas do Chesar; 's do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad ioghnadh as. 041 MAR 012 018 Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; is dh' fharraid iad dheth, ag radh 041 MAR 012 019 A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheibh brathair duine bas, 's gum fag e bean, 's nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, 's togadh e clann dha bhrathair. 041 MAR 012 020 A nis bha seachdnar bhraithrean ann 's ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail. 041 MAR 012 021 Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan 's cha mhua dh' fhag esan sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna. 041 MAR 012 022 Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; 's cha d' fhag iad sliochd. 'Nan deigh uile dh' eug am boirionnach fhein. 041 MAR 012 023 Anns an aiseirigh mata, nuair dheireas iad, co dhiu sin dham bi i 'na mnaoi? oir bha i 'na mnaoi aig an t-seachdnar. 041 MAR 012 024 Agus fhreagair Iosa, is thuirt e riutha: Nach ann a thaobh seo a tha sibh a deanamh mearachd, nach eil eolas agaibh air na sgriobturan no air cumhachd Dhe? 041 MAR 012 025 Oir nuair a dh' eireas iad bho na mairbh, cha phos iad, 's cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais. 041 MAR 012 026 Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, ag radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iocoib? 041 MAR 012 027 Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin a dol fada cearr. 041 MAR 012 028 Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, 'sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh' fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile. 041 MAR 012 029 Is fhreagair Iosa e: Gum b' i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia: 041 MAR 012 030 Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte. 041 MAR 012 031 Agus tha an darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann. 041 MAR 012 032 Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, 's nach eil ann ach e; 041 MAR 012 033 'S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, 's leis an uile anam, 's leis an uil' inntinn, agus leis an uile neart; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile. 041 MAR 012 034 Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air. 041 MAR 012 035 Is thuirt Iosa, 's e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criosda mac Dhaibhidh? 041 MAR 012 036 Oir tha Daibhidh fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Tighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhidean nan stol-chas dhut. 041 MAR 012 037 Tha Daibhidh fhein mata a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar mata is e a mhac? Is dh' eisd moran sluaigh ris gu deonach. 041 MAR 012 038 Is thuirt e riutha 'na theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh, 041 MAR 012 039 Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, 's air na ciad shuidheachain aig suipeirean: 041 MAR 012 040 A shluigeas tighean bhantrach air sgath urnaighean fada: gheibh iad sin binn nas cruaidhe. 041 MAR 012 041 'S nuair a bha Iosa 'na shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha 'n sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus chuir moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte. 041 MAR 012 042 Agus thainig bantrach bhochd, is chuir i da lethfheoirlinn, se sin fairdein, innte, 041 MAR 012 043 'Sa gairm a dheisciopul, thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so barrachd na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh. 041 MAR 012 044 Oir 's ann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach 'sann bho h-uireasuidh a chuir ise, a beo-shlainte uile. 041 MAR 013 001 'S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo. 041 MAR 013 002 Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. 041 MAR 013 003 'S nuair a bha e 'na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris: 041 MAR 013 004 Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh? 041 MAR 013 005 Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibh 041 MAR 013 006 Oir thig moran nam ainm-se, ag radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran. 041 MAR 013 007 Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s'fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast. 041 MAR 013 008 Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod 's a so, agus gorta. 'Siad sin toiseachd nan amhghar. 041 MAR 013 009 Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan. 041 MAR 013 010 Is feumar an soisgeul a theagasg an toiseach am measg nan cinneach uile. 041 MAR 013 011 Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, 's gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. 041 MAR 013 012 Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad. 041 MAR 013 013 Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m'ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte. 041 MAR 013 014 Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios 'na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann. 041 MAR 013 015 'S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, 's na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; 041 MAR 013 016 'S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus 'aodach a thoirt leis. 041 MAR 013 017 Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach 'sa toirt ciche sna laithean sin. 041 MAR 013 018 Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh. 041 MAR 013 019 Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, 's nach bi. 041 MAR 013 020 Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. 041 MAR 013 021 Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e. 041 MAR 013 022 Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein. 041 MAR 013 023 Thugaibhse mata an aire: seall, dh' innis mi dhuibh gach ni ro-laimh. 041 MAR 013 024 Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, 's cha toir a ghealach a solus. 041 MAR 013 025 Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. 041 MAR 013 026 Agus an sin chi iad Mac an duine sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir. 041 MAR 013 027 An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. 041 MAR 013 028 A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, 'sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg: 041 MAR 013 029 Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. 041 MAR 013 030 Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. 041 MAR 013 031 Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid m' fhacalsa seachad. 041 MAR 013 032 Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. 041 MAR 013 033 Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am. 041 MAR 013 034 Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh' fhag a thigh, 'sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, 'sa dh' aithn' air an dorsair faire a dhianamh. 041 MAR 013 035 Dianaibhse faire mata, (chionn 's nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), 041 MAR 013 036 Eagal gun tig e gu h-obann, 's gum faigh e sibh nur cadal. 041 MAR 013 037 Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire. 041 MAR 014 001 A nis bha feill na casga 's an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,'s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e. 041 MAR 014 002 Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh' fhaoidte am measg an t-sluaigh. 041 MAR 014 003 'S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 'sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh' ola phriseil spicnaird, 'sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i. 041 MAR 014 004 A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh: Carson a rinneadh am milleadh so air an ola? 041 MAR 014 005 Oir dh' fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, 's an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur 'na h-aghaidh. 041 MAR 014 006 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa. 041 MAR 014 007 Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh. 041 MAR 014 008 Rinn i na b'urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh' ungadh mo chuirp air son an adhlaic. 041 MAR 014 009 Gu firinneach tha mi gradh ribh: ge b' e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre. 041 MAR 014 010 Is dh' fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh' ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh. 041 MAR 014 011 Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath. 041 MAR 014 012 'S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, 's gun ith thu a chaisg? 041 MAR 014 013 Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e; 041 MAR 014 014 Agus ge b' e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil? 041 MAR 014 015 Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn. 041 MAR 014 016 Is dh' fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg. 041 MAR 014 017 Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag. 041 MAR 014 018 Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, 's ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th' ag ithe maille rium, mi. 041 MAR 014 019 Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, 's gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e? 041 MAR 014 020 Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis. 041 MAR 014 021 'S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e. 041 MAR 014 022 'S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; 's ga bheannachadh, bhrist e, agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa. 041 MAR 014 023 Agus ghlac e chailis, 'sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh' ol iad uile dhi. 041 MAR 014 024 Is thuirt e riutha: Si so m' fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain. 041 MAR 014 025 Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe. 041 MAR 014 026 'S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. 041 MAR 014 027 Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich. 041 MAR 014 028 Ach an deigh m' aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile. 041 MAR 014 029 Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise. 041 MAR 014 030 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean. 041 MAR 014 031 Ach 'sann an sin bu dana a labhair e: Ged b' fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile. 041 MAR 014 032 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh. 041 MAR 014 033 Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor. 041 MAR 014 034 Is thuirt e riutha: Tha m' anam bronach gu ruig am bas: fanaibh an so, is dianaibh faire. 041 MAR 014 035 'Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: 041 MAR 014 036 Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa. 041 MAR 014 037 Agus thainig e, 'is fhuair e iad 'nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris? 041 MAR 014 038 Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag. 041 MAR 014 039 'Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna. 041 MAR 014 040 'Sa tilleadh, fhuair e rithist iad 'nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris. 041 MAR 014 041 Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th' an uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach. 041 MAR 014 042 Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg. 041 MAR 014 043 Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, 's le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, 's na seanairean. 041 MAR 014 044 Agus bh' am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b' e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach. 041 MAR 014 045 'S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e. 041 MAR 014 046 Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e. 041 MAR 014 047 Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth. 041 MAR 014 048 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean 's le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi? 041 MAR 014 049 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach 'sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so. 041 MAR 014 050 An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile. 041 MAR 014 051 Ach lean duin' og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air. 041 MAR 014 052 Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte. 041 MAR 014 053 Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean. 041 MAR 014 054 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; 's bha e 'na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein. 041 MAR 014 055 Agus dh' iarr na h-ard-shagairt, 'sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d'fhuair iad sin. 041 MAR 014 056 Oir bha moran a toirt fianuise-breige 'na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh. 041 MAR 014 057 Agus bha cuid a dh' eirich suas, 'sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh: 041 MAR 014 058 Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d' rinneadh le lamhan. 041 MAR 014 059 Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh. 041 MAR 014 060 Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth? 041 MAR 014 061 Ach dh' fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh' fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte? 041 MAR 014 062 Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, 'sa tighinn air neoil nan speur. 041 MAR 014 063 An sin an t-ard-shagart a stracadh 'eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean? 041 MAR 014 064 Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas. 041 MAR 014 065 Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, 's ri comhdach 'aodainn, 's ri bualadh dhorn air, 's ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e. 041 MAR 014 066 'S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt; 041 MAR 014 067 'S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth. 041 MAR 014 068 Ach dh'aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh'fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach. 041 MAR 014 069 Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: 'Sann dhiu am fear so. 041 MAR 014 070 Is dh' aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu. 041 MAR 014 071 Ach thoisich esan ri mollachadh 's ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt. 041 MAR 014 072 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal. 041 MAR 015 001 Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, 's na seannairean 's na Sgriobhaich, 'sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat. 041 MAR 015 002 Is dh' fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh. 041 MAR 015 003 Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth. 041 MAR 015 004 Is dh' fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh. 041 MAR 015 005 Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol 's gun do ghabh Pilat ioghnadh. 041 MAR 015 006 A nis air latha na feille b' abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh' iarradh iad. 041 MAR 015 007 Agus bha fear ann, dham b'ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc. 041 MAR 015 008 Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e. 041 MAR 015 009 Agus fhreagair Pilat iad, 's thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach? 041 MAR 015 010 Oir bha fios aige gum b' ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e. 041 MAR 015 011 Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn. 041 MAR 015 012 Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach? 041 MAR 015 013 Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e. 041 MAR 015 014 Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e. 041 MAR 015 015 Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, 's an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh. 041 MAR 015 016 Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile. 041 MAR 015 017 Agus dh' eid iad e le purpur, 'sa fighe crun dreighinn chuir iad air e. 041 MAR 015 018 Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach. 041 MAR 015 019 Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, 'sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha. 041 MAR 015 020 Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. 041 MAR 015 021 Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan. 041 MAR 015 022 Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari. 041 MAR 015 023 Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e. 041 MAR 015 024 Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon. 041 MAR 015 025 Agus bi an treasamh uair a bh' ann, agus cheus iad e. 041 MAR 015 026 'S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH. 041 MAR 015 027 Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli. 041 MAR 015 028 Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach. 041 MAR 015 029 Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, 's ag radh: O thusa, a leagas an teampull, 'sa thogas e rithist ann an tri latha: 041 MAR 015 030 Teasraig thu fhein agus thig a nuas bhon chrois. 041 MAR 015 031 Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh. 041 MAR 015 032 Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air. 041 MAR 015 033 'S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair. 041 MAR 015 034 Agus aig an naoitheamh uair dh' eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? 041 MAR 015 035 Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais. 041 MAR 015 036 Agus ruith fear, 'sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas. 041 MAR 015 037 Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail. 041 MAR 015 038 Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar. 041 MAR 015 039 Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha 'na sheasamh mu choinneamh, gun do dh'eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b'e an duine so Mac Dhe. 041 MAR 015 040 Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome: 041 MAR 015 041 A lean e nuair a bha e ann an Galile, 'sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh' air direadh gu Ierusalem maille ris. 041 MAR 015 042 'S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh' ann, se sin an latha romh 'n t-sabaid, 041 MAR 015 043 Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh' iarr e corp Iosa. 041 MAR 015 044 'S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. 'Sa gairm a cheannaird-chiad, dh' fharraid e dheth an robh e cheana marbh. 041 MAR 015 045 'S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph. 041 MAR 015 046 Agus cheannaich Ioseph lion-anart, 's ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh' air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe. 041 MAR 015 047 'S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e. 041 MAR 016 001 'S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh. 041 MAR 016 002 Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine. 041 MAR 016 003 'S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe? 041 MAR 016 004 'Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b' anabarrach mor i. 041 MAR 016 005 'Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra. 041 MAR 016 006 Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh' eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e. 041 MAR 016 007 Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh. 041 MAR 016 008 'Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; 's cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra. 041 MAR 016 009 (note: The most reliable and earliest manuscripts do not include Mark 16:9-20.) Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain. 041 MAR 016 010 Dh' fhalbh ise, agus dh' innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, 's iad a gal sa caoidh. 041 MAR 016 011 Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, 's gum facas e leatha, cha do chreid iad. 041 MAR 016 012 'S an deigh sin dh' fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich. 041 MAR 016 013 Agus dh' fhalbh iadsan, is dh' innis iad do chach: 'S cha mhua chreid iadsan iad. 041 MAR 016 014 Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh. 041 MAR 016 015 Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair. 041 MAR 016 016 Esan a chreideas 'sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh. 041 MAR 016 017 Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura; 041 MAR 016 018 Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh' olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math. 041 MAR 016 019 Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e 'na shuidhe air laimh dheis Dhe. 041 MAR 016 020 Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, 'sa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Amen.